Iomain
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Treas structar ùr aig an iomain

3 An Dùbhlachd 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thèid prìomh lìog na h-iomain a leudachadh gu deich sgiobaidhean an ath-bhliadhna, 's thèid cur às dhan lìog as ìsle - an Treas Roinn a Tuath.

Chaidh an treasamh structar ùr ann an trì bliadhna aontachadh aig Coinneimh Bhliadhnail Chomann na Camanachd sa Ghearasdan.

Thàinig am moladh bho na sgiobaidhean fhèin às dèidh ghearainnean mun structar ùr a thug Comann na Camanachd a-steach am-bliadhna.

Bha Dòmhnall MacLaomainn an làthair dhuinn.