A' Phàirc gu bhith leis na daoine
- Air fhoillseachadh

Tha coltas ann gum bi Oighreachd na Pàirce ann an Leòdhas fo smachd na coimhearsnachd tràth sa Bhliadhna Ùir.
Thathas air a bhith a' feuchainn ri sealbh fhaighinn air an fhearann fad còrr air deich bliadhna.
Chuir an t-uachdaran, Barry Lomas, an aghaidh oidhirpean na coimhearsnachd airson iomadh bliadhna.
Tha cùisean air a bhith nas rèidhe anns a' bhliadhna a chaidh seachad ge-tà, agus Mgr Lomas air leigeil fhaicinn gu bheil e deònach an oighreachd a reic.
Bha dùil na bu thràithe sa bhliadhna gum biodh cùisean deiseil aig an ìre seo, ach thug e na b' fhaide na bha dùil mapaichean mionaideach ullachadh, airson 250 pìos fearainn a chaidh a thoirt a-mach às an oighreachd a chomharrachadh.
Tha an obair sin ullamh a-nis ge-tà, agus tha an luchd-lagha a' dèanamh ullachaidh air an obair-phàipeir mu dheireadh airson an oighreachd a reic.