"Fan bliadhna" air fiaclair an Ìle

Fiaclaireachd Image copyright Getty Images
Image caption Chan eil fiaclair làn-ùine ag obair san sgìre.

Thathas ag innse do dhaoine ann an Ìle is Diùra a tha ag iarraidh fiaclair fhaicinn, gum bu chòir dhaibh tilleadh an ceann bliadhna.

Chan eil ach aon fhiaclair pàirt-ùine air fhàgail anns an sgìre, bho leig am fiaclair làn-ùine a dhreuchd dheth o chionn bliadhna.

Chan fhaigh aig an fhiaclair a tha fhathast ann air a h-uile duine fhaicinn, 's feumaidh iad prìomhachas a thoirt do chloinn, agus do dhaoine a tha gan cràdh.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun robh seirbheisean fiaclaireachd Ìle a' tighinn a rèir a h-uile dleastanais a thaobh "smachd air galarachadh".

Tha 16 duine air ùidh a nochdadh ann a bhith a' lìonadh na h-obrach, ach cha do ghabh duine an dreuchd.

Thathas a' tuigsinn gur e as adhbhar gur e portacabin a th' anns an ionad fhiaclaireachd, anns an raon-pharcaidh aig Ospadal a' Bhogha Mhòir.

"Bidh thu a' feitheamh air an fhiaclair nad chàr," thuirt Pat McGran, a b' àbhaist a bhith ag obair mar dhotair teaghlaich, agus a tha a' fuireach san sgìre.

"Thig an neach-fàilteachaidh a-mach gad ghairm a-steach. B' e fear 's a bhean a ghabh an obair thairis ann an 1998, 's iad a' tuigsinn gun tigeadh leasachadh air na goireasan aca, ach cha do thachair sin.

"Chan e a-mhàin nach eil na goireasan math gu leòr do dhaoine aig a bheil ùidh san dreuchd. Dh'innis Com-pàirteachas na Slàinte Coimhearsnachd dhuinn nach eil maoineachadh ri fhaodainn airson an leasachadh."

Feumaidh eileanaich a tha ag iarraidh am fiaclair fhaicinn a-niste turas aiseig a ghabhail gu ruige Tairbeart Loch Fìn, no Ceann Loch Gilp.

Tha ionad fiaclaireachd ann am Pàislig air sanas a chur sa phàipear ionadail, a dh'aindeoin 's gu bheil còig uairean de thìde de shiubhal eadar Ìle 's Diùra agus Pàislig.

Thuirt labhraiche do NHS na Gàidhealtachd: "Tha fiaclaireachd ann an Ìle air a toirt seachad ann an ionad le goireasan math, a tha a' tighinn a rèir a h-uile dleastanais a thaobh smachd air galarachadh.

"Aig a' cheart àm ge-tà, tha sinn ag aithneachadh nach eil an togalach fhèin cho math 's a dh'iarramaid, agus tha sinn air a bhith a' rannsachadh ciamar a dh'fhaodamaid an t-seirbheis a ghluasad am broinn togalach an ospadail fhèin."