Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An Dùbhlachd 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Gearraidhean

Thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, gu bheil an Riaghaltas air chomas na gearraidhean air an do bhruidhinn e na òraid an-dè a chur an sàs. Tha an Oifis airson Uallach a' Bhuidseit (OBR) ag ràdh gum bi e fìor dhoirbh dhan Riaghaltas gearraidhean a dhèanamh gu ìre dhan tèid aca air na leabhraichean a chothromachadh.

Ola is Gas

Tha Àrd-Rùnaire an Ionmhais a' foillseachadh phlanaichean an-diugh airson cur ris an ùine a mhaireas gnìomhachas ola a' Chuain a Tuath. Innsidh Danny Alexander do cheannardan a' ghnìomhachais ann an Obar Dheathain mu phlana airson tuilleadh rannsachaidh airson gas is ola, agus £6m eile de thaic do dh'Ùghdarras na h-Ola agus a' Ghas.

Glainead Ospadail

Chaidh dragh a thogail mu ghlainead iag ospadal cho trang 's a tha an Alba, Infirmary Rìoghail Ghlaschu. Thog luchd-sgrùdaidh na h-uimhir de phuingean mu ghlanadh agus smachd air galar aig ionad tubaist agus èiginn an ospadail, agus chaidh rabhadh do luchd-stiùiridih NHS na sgìre gum feum iad cùisean a leasachadh cho luath 's a ghabhas.

A' Phàirc

Tha dùil gum bi Oighreachd na Pàirce ann an Leòdhas ann an làmhan na coimhearsnachd tràth air a' bhliadhna ùir, an dèidh còrr is deich bliadhna de strì laghail. Ged a tha eachdraidh chonnspaideach ann, tha dùil a-niste gun tèid a h-uile càil aontachadh an ceann beagan sheachdainnean.

Ùghdarras Port Steòrnabhaigh

Bidh an Caiptean Peter Read, Maighstir a' Chala ann an Steòrnabhagh, a' fàgail na dreuchd sin anns a' Ghearran an ath-bhliadhna. Tha na h-uimhir de ghearain air a bhith ann mu Ùghdarras Port Steòrnahaigh, agus cuid air a bhith ag iarraidh rannsachaidh mu dhòighean obrach na buidhne.

Fiaclaireachd

Chaidh innse do mhuinntir Ìle agus Dhiùra iad tilleadh an ceann bliadhna ma tha iad airson fiaclair fhaicinn. Chan eil aca eadar an dà eilean ach aon fhiaclair pàirt-ùine, an dèidh dhan fhiaclair làn-ùine an dreuchd fhàgail nas tràithe air a' bhliadhna. Tha e coltach nach eil fiaclairean eile ro dheònach an obair a ghabhail leis gur ann am portacabin a tha an t-seirbheis stèidhichte.

Agus tha dragh ann an Uibhist gu bheil Bòrd Slàinte nan Eilean Siar a' beachdachadh air na h-ionadan fiaclair ann an Loch Baghasdail, Loch nam Madadh agus Lìonacleit a dhùnadh, agus aon ionad a stèidheachadh nan àite aig Ospadal Uibhist is Bharraigh ann am Baile a' Mhanaich. Dh'innis am Bòrd cuideachd gu bheil iad a' gearradh àireamh nan leapannan aig an ospadal sin bho 29 gu 16.