Maighstir-cala Steòrnabhaigh a' fàgail a dhreuchd

Port Steòrnabhaigh
Image caption Tha na h-uimhir de thrioblaidean air a bhith a' cuairteachadh ùghdarras a' phuirt bho chionn ghoirid.

Dh'ainmich Ùghdarras Port Steòrnabhaigh gum bi maighstir a' chala, an Caiptean Peadar Read, a' fàgail a dhreuchd sa Ghearran an ath-bhliadhna.

Ann am brath-naidheachd, thuirt an t-ùghdarras gun robh an Caiptean Read airson cothroman ùra a ghabhail, agus tuilleadh eòlais fhaighinn air gnìomhachasan mara.

Thug cathraiche a' phuirt, an Caiptean Bert Frater, taing dhan Chaiptean Read airson na rinn e aig àm gu math trang dhan phort.

Trioblaidean

Tha na h-uimhir de thrioblaidean air a bhith a' cuairteachadh Ùghdarras Port Steòrnabhaigh bho chionn ghoirid, le fear a th' air a bhith obair aig a' chala fad bhliadhnaichean ag ràdh gur e Riaghaltas na h-Alba a bu chòir dèiligeadh ris an t-suidheachadh.

Thuirt Tormod MacArtair, a tha a' ruith Seirbheisean Luingeis Steòrnabhaigh, gun deach cùisean ceàrr aig a' phort bho chionn ghreis.

Nochd iarrtas bhon Chomhairliche Leòdhasach Dòmhnall Crichton an t-seachdain a chaidh gun deadh am port a chur fo smachd Chomhairle nan Eilean Siar.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile