Cothroman an lùib ath-leasachaidh fhearainn

Fearann
Image caption Tha uachdarain a' toirt rabhaidh gun caill daoine an cosnadh ri linn chìsean gnìomhachais.

Dhèanadh Bile Ath-leasachaidh an Fhearainn nas fhasa e do dhaoine air a' Ghàidhealtachd sealbh fhaighinn air an fhearann, a-rèir fhir-lagha Ghàidhealaich.

Bha Calum MacLeòid a' bruidhinn agus co-chomhairle ga cumail air molaidhean Riaghaltas na h-Alba air a' ghnothach.

"Feumaidh sinn cuimhneachadh gur e cuspair fada agus farsainn a th' ann an ath-leasachadh fearainn," thuirt e.

"'S e seo dìreach pàirt beag de na molaidhean aig Buidheann Ath-sgrùdaidh an Ath-Leasachaidh Fhearainn.

Mìneachadh

"Ach tha feadhainn de na molaidhean, 's dòcha nach dèan iad diofar mòr.

"Mar eisimpleir an dleastanas ùr air oighreachdan a bhios a' losgadh 's a' sealg cìsean gnìomhachais a phàigheadh.

"Ach tha na molaidhean sin, tha iad a' samhlachadh rudeigin.

"Na molaidhean a tha gu math inntinneach, 's e Coimisean Ath-Leasachaidh an Fhearainn. Coimisean ùr a stèidheachadh a bhios a' coimhead air fearann 's mar a tha daoine a' cleachdadh fearainn.

"Chan eil fhios againn fhathast ciamar a tha sin a' dol a bhith ag obrachadh," thuirt e.

Mar pàirt de na moladhean, bhiodh an Riaghaltas air chomas a dhol an sàs far an robh uachdaran a' cur bacadh air leasachadh seasmhach sa choimhearsnachd, no far nach robh iad a' cleachdadh an fhearainn gu ceart.

Tha Mgr MacLeòid den bheachd gum bi e doirbh sin a chur an cèill.

"Chan eil fhios againn fhathast dè na cumhachdan a bhios aig an Riaghaltas, agus ann an dòigh bidh e doirbh mìneachadh, co-dhiù ann an reachdas, dè th' ann an leasachadh seasmhach.

"Ach air an làimh eile, tha an Riaghaltas a' beachdachadh air a' cheist sin, mar eisimpleir nuair a tha coimhearsnachd croitearachd a' ceannach talmhainn, feumaidh an Riaghaltas a bhith a' beachdachadh air an e cothrom airson leasachaidh sheasmhaich a th' ann.

"'S mar sin, tha an Riaghaltas a' beachdachadh air a' cheist sin mar thà, so cha bu chòir dha a bhith ro dhoirbh," thuirt e.

Tha uachdarain a' toirt rabhaidh gun cailleadh daoine ann an sgìrean dùthchail an cosnadh ma thig air oighreachdan seilge cìsean gnìomhachais a phàigheadh a-rithist, mar a b' fheudar dhaibh uair.

"Tha e doirbh a ràdh am bi buaidh mhòr aige seo. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil am moladh seo a' samhlachadh rudeigin, agus gu bheil e gu math doirbh airson ghnìomhachasan a tha an sàs ann a bhith a' sealg 's a' losgadh a bhith ag argamaid nach bu chòir dhaibh a bhith a' pàigheadh chìsean.

"Air an làimh eile, chan eil mi a' smaoineachadh gum bi tòrr teachd a-steach chun an Riaghaltais bho na cìsean seo.

"Leis fhèin, 's dòcha nach dèan seo atharrachadh mòr.

"Agus cuideachd bidh bliadhnaichean mus faic sinn atharrachaidhean air mar a tha daoine a' cleachdadh an fhearainn; cò leis a tha am fearann.

"Ach gun teagamh sam bith, bithidh barrachd chothroman ann airson daoine a tha a' fuireach air Ghàidhealtachd an làmhan fhaighinn air an fhearann.

"Cuideachd, bidh barrachd fiosrachaidh ann mu dheidhinn an fhearainn, an luach a th' air an fhearann, agus cò leis a tha am fearann.

"Bidh a h-uile càil nas fhosgailte, so feumaidh gur e rud math a th' ann an sin," thuirt e.