Eaglais eachdraidheil ann an cunnart dùnadh
- Published
Thug ministear Seann Àrd-Eaglais Inbhir Nis rabhadh gum faodadh cho àrd 's a tha cosgaisean àrachais an eaglais a dhùnadh.
Chaidh an eaglais, a tha suidhichte air bruaichean Abhainn Nis, a thogail anns na 1770an, ach a' cleachdadh phìosan de dh'eaglais na bu shine a bha a' dol air ais chun na 15mh neo chun na 16mh linne.
Feumaidh an coithional £10,500 a thogail gach bliadhna airson àrachas an togalaich sin, agus eaglais eile a tha iad cuideachd a' cleachdadh.
Uallach airgid
Tha ministear na h-eaglaise, an t-Urr. Peadar Nimmo, ag ràdh gu bheil iad-san a' cosg tòrr a bharrachd air àrachas na tha eaglaisean eile, agus nach urrainn dhaibh cumail orra ga phàigheadh.
"Ged a tha sinn air cosgaisean an togalaich a chumail sìos, tha na tha sinn a' cosg air àrachas air èirigh gu mòr anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad," thuirt e.
Tha dùil gur ann air làrach na h-eaglaise a chaidh an Rìgh Brude iompachadh gu Crìosdaidheachd le Colm Cille.
Tha e cuideachd air aithris gur ann anns a' chladh taobh a-muigh na seann eaglaise a bh' ann roimhpe a chaidh Seumasaich a chur gu bàs às dèidh Blàr Chùil Lodair ann an 1746.