Iasgach tùna anns na h-Eileanan an Iar?

Tuna
Image caption Ghlac iasgair às na Hearadh sia tùna ann an aon là.

Tha argamaid nas làidire ann a-nis gum faigheadh na h-Eileanan an Iar cuota airson an tùna às dèidh mar a ghlac iasgair às na Hearadh sia dhiubh ann an aon là.

Ghlac Aonghas Caimbeul, bho Kilda Cruises, tùna an-uiridh, agus chaidh iarraidh air a dhol às an dèidh am-bliadhna mar phàirt de sgeama dearbhaidh oifigeil.

Tha Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais, ag ràdh gu bheil cothroman an lùib an iasgaich dha iasgairean nan Eilean Siar.

"Tha sinn air a bhith a' còmhradh ri luchd-eòlaiche agus bhiodh sinn an dòchas gun dèan an Riaghaltas tagradh dhan Roinn Eòrpa airson 's gum faigheadh sinn pàirt den chuideam cheadaichte a tha seo airson iasgach a leasachadh anns na h-Eileanan an Iar".

Thuirt Mgr MacAonghais gun do sheall rannsachadh gu bheil stoc an tùna glè fhalain agus tha luach mòr ann dhan fheadhainn a ghlacas e.

"A h-uile iasg a thathar a' glacadh bhiodh luach suas ri £30,000 na chois agus mar sin cha bhithist a' feumachdainn mòran èisg a ghlacadh", thuirt e.

Sgeama dearbhaidh

Thuirt Aonghas Caimbeul gur ann aig deireadh an Lùnasdail a chaidh e an tòir air an tùna an toiseach agus gun do mhothaich e an toiseach nach robh iad cho pailt 's a bha iad air a bhith an-uiridh.

"Fhuair sinn aonan mu dheireadh thall - lorg sinn far an robh iad agus thug sinn an uair sin dhà neo trì làithean eile mus d' fhuair sinn an còrr agus thàinig sinn air cnap mòr dhiubh air an t-slighe a-mach gu Hiort".