Goireas òigridh an impis falbh

Am Monadh Ruadh Image copyright Richard Webb / Geograph
Image caption Tha Comunn na Gàidhlig an dòchas gun gabh an turas cumail fhathast.

Tha òigridh feadh na Gàidhealtachd an cunnart goireas airson cuir-seachad air a' bhlàr a-muigh a chall.

Tha seo air sgàth buaireadh eadar Comhairle na Gàidhealtachd agus an fheadhainn leis a bheil an t-ionad cuir-seachad, Urras Shrath Spè.

Bha aonta fad bhliadhnaichean aig a' Chomhairle airson loidsichean cuir-seachad ann am Bad a' Ghiuthais an Srath Spè a chleachdadh.

Ach tha an dà bhuidhinn air a dhol thar a chèile, 's thig sin a-nis gu ceann.

Cosgais

Tha Comunn na Gàidhlig am measg nam buidhnean a bha an dùil a chleachdadh anns a' Bhliadhna Ùir airson turas sgithidh do dh'òigridh le Gàidhlig.

"Tha e duilich beachd cinnteach a bhith againn, leis gu bheil sinn air an taobh a-muigh mar gum biodh, ach 's e an tuisge a th' againne gu bheil trì buidhnean air a bhith an sàs anns an t-suidheachadh a tha seo," thuirt Ceannard ChnaG, Dòmhnall MacNèill.

"Tha Comhairle na Gàidhealtachd, aig an robh na loidsichean air màl, tha Urras Shrath Spè aig a bheil na loidsichean, agus tha an uair sin a' bhuidheann a tha eadar an dà rud, High Life Highland - meur chur-seachadan na Comhairle.

"Agus adhbhar air choireigin, tha briseadh air a bhith anns a' chòrdadh a tha siud, agus tha sin gar fàgail-ne ann an suidheachadh far nach eil comas againne na loidsichean a chleachdadh.

"Tha seo a' bualadh gu sònraichte air an turas sgithidh a bha gu bhith againn - agus a dh'fhaodadh a bhith againn fhathast - anns a' Ghearran, anns an sgìre a tha siud.

"Seo a-nis an treas bliadhna a tha sinn air sin a dhèanamh.

"Feumaidh sinn a-nise coimhead a bheil dòigh againn an turas seo a chur air dòigh a' cleachdadh ghoireasan air choireigin eile.

"Ach tha sin rudeigin duilich. Tha 50 neach uile gu lèir an sàs anns an turas a tha seo - 44 duine-cloinne, agus inbhich a bhiodh còmhla riutha.

"'S tha e duilich aig an àm a tha seo feuchainn ri àite eile a lorg a bhios mòr gu leòr airson sin a dhèanamh.

"Chan e sin a-mhàin, ach aig an aon àm tha ceistean ann mu dheidhinn sgioba chur-seachadan na Comhairle, a bha a' toirt seachad mar gum biodh pasgan dhuinn a thaobh uidheamachd agus trèanaidh air a shon.

"So tha ceistean ann.

"Bu mhath leam a ràdh aig an ìre seo, ged a tha na ceistean ann, tha sinne aig Comunn na Gàidhlig gu mòr airson gum faigh sinn fuasgladh air seo, agus gum bi an tachartas seo a' dol fhathast.

"Tha sinn air timcheall air £800, no £900 a chosg air ticeadan trèana, agus rudan mar siud.

"Tha miann aig a' chloinn a bhith a' tighinn chun an rud a tha seo.

"Tha sinn a' coimhead an-dràsta gum faodadh am "Plana B" againn suas ri £3,000 a bharrachd a chosg airson seo a chur air dòigh.

"Leis an Nollaig gu bhith oirnn, agus an uair sin beagan sheachdainnean mus bi an turas againn, b' fheàrr gun robh sinn air fios fhaighinn mu dheidhinn seo beagan nas tràithe," thuirt e.

Thuirt Urras Shrath Spè nach b' urrainn dhaibh gabhail ris mar a bha a' Chomhairle airson an t-aonta màil air na loidsichean a ghluasad bhon Chomhairle fhèin chun na buidhne High Life Highland a tha a-nis a' ruith sheirbheisean cuir-seachad na Comhairle.

Bha eagal air an Urras, thuirt iad, mun bhuaidh a bheireadh sin air stàtas cathrannais an Urrais fhèin.