Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An Dùbhlachd 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Shrien Diwani

Chuir britheamh ann an Afraga a Deas às do chùis an aghaidh an fhir-ghnothaich Bhreatannaich, Shrien Diwani, a bha fo chasaid gun do dh'òrdaich e a bhean a mhurt ann an Capetown bho chionn ceithir bliadhna. Thuirt am britheamh, Jeanette Traverso, nach gabh earbsa a chur anns a' phrìomh fhianaise a bh' aig luchd-casaid - dràibhear tacsaidh a tha an-dràsta anns a' phrìosan.

Eaconamaidh na h-Alba

Tha a' bhuidheann rannsachaidh EY ITEM Club ag ràdh gun lean fàs eaconamach ann an Alba an ath-bhliadhna, ach gum bi e nas slaodaiche. Tha a' bhuidheann ag ràdh gur e fàs de 2.8% a bhios ann am-bliadhna, an àireamh as fheàrr bho 2007. Ach tha iad a' tomhas gur e 2% a bhios ann an ath-bhliadhna, le mì-chinnt mu referendum air an Aonadh Eòrpach, nas lugha de dh'uisge-beatha Albannach ga reic ri dùthchannan eile, agus an tuiteam ann am prìs na h-ola a' toirt buaidh air gnìomhachas a' Chuain a Tuath agus air cumhachd ath-nuadhachail.

Bochdainn Bìdhe

Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gum bi iad a' beachdachadh air aithisg Pàrlamaid mu bhochdainn bìdhe. Fhuair comataidh thar-phàrtaidh gu bheil mòran a bharrachd dhaoine a' cleachdadh bhancaichean bìdh leis mar a tha cosgaisean dachaigh, connaidh agus bìdhe ag èirigh. Tha an aithisg ag ràdh cuideachd gum feumar stad a chur air na tha ga thilgeil air falbh de bhiadh ann am Breatainn gach bliadhna.

Tubaist-rathaid

Chaill boireannach a beatha, 's chaidh duine a dhroch leòn ann an tubaist eadar dà chàr ann an Siorrachd Obar Dheathain. Thachair an tubaist air an rathad eadar Toll of Birness agus Mintlaw, aig 07:30m an-diugh, 's tha an rathad fhathast dùinte fhad 's a tha na Poilis a' rannsachadh na thachair.

Ceannaircich

Thuirt am Pentagon nach atharraich an dòigh sam feuch iad ri cobhair a dhèanamh air Aimeireaganaich a th' ann am bruid aig ceannaircich, a dh'aindeoin oidhirp eile a chaidh ceàrr. Chaidh fear-naidheachd Aimeireaganach agus tidsear à Afraga a Deas a mharbhadh aig deireadh na seachdain seo chaidh nuair a dh'fheuch feachdan Aimeireaganach ri an saoradh bho al Qaeda ann an Iemen. Seo an dàrna oidhirp bho chionn ghoirid nach do shoirbhich.