Leasachadh air Caisteal Inbhir Nis

Caisteal Inbhir Nis Image copyright Highland Council
Image caption Tha iarrtas ann gun deadh an Caisteal a leasachadh mar àite do luchd-turais.

Thèid sgrùdadh a dhèanamh feuch dè na diofar dhòighean anns an gabhadh Caisteal Inbhir Nis a chur gu feum.

Choinnich a' bhuidheann a tha an urra ris a' phròiseact Diluain, 's iad a' coimhead ri mar a ghabhadh tuilleadh feum a dhèanamh den togalach ma ghluaiseas Seirbheis Chùirtean na h-Alba a-mach às.

Thèid cead-dealbhachaidh iarraidh ro dheireadh na bliadhna airson an tùir gu tuath a leasachadh mar àite far am faigh daoine sealladh os cionn a' bhaile, le bùth na chois.

Dh'fhaodadh an t-àite sin a bhith air fhosgladh an ceann bliadhna neo mar sin.

Thèid beachdan a' phobaill iarraidh air na molaidhean a thig am bàrr bhon sgrùdadh.

Adhartas

Thuirt Co-chathraiche Buidheann-obrach a' Chaisteil, Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd Drew Hendry, gu bheil e toilichte leis na tha de dh'adhartas ga dhèanamh.

Thuirt am BPA Fearghas Ewing gun cùm Riaghaltas na h-Alba taic ris a' phròiseact ma thèid àite ùr a lorg dha Seirbheis Chùirtean na h-Alba.

Thuige seo, chan fhaigheadh luchd-turais a-steach dhan Chaisteal leis gu bheil Cùirt an t-Siorraidh stèidhichte ann.

Tha dùil ri buil an sgrùdaidh sa Chèitean ann an 2015.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile