Gearradh air seirbheisean lannsaireachd ann an Gallaibh
- Air fhoillseachadh
Tha Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd ag ràdh nach bi e comasach dhaibh tuilleadh seirbheisean lannsaireachd a thoirt seachad ann an Ospadal Ghallaibh ceithir uairean fichead san là air sgàth gainnead luchd-obrach.
Tha trioblaid aig a' Bhòrd Slàinte na dh'fheumas iad de luchd-obrach slàinte fhastadh, gu h-àraidh ann an ospadalan beaga.
Tha iad ag ràdh gu bheil iad a' feuchainn ri fuasgladh a lorg, ach nach e a bhith a' fastadh lannsairean locum freagairt na cùise.
Chan eil air fhàgail ann an Ospadal Ghallaibh a-nis ach aon lannsair, às dèidh do dh'aonan eile a dhreuchd a leigeil dheth, agus fear eile a dhreuchd fhàgail.
Lùghdachadh
Bho seo a-mach cha tèid obair-lannsa èiginneach air adhart anns an ospadal air an oidhche neo air an deireadh-sheachdain.
Fàgaidh seo gum feumar cuid de dh'euslaintich a thoirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis ann an suidheachaidhean èiginneach.
Tha ceannardan a' Bhùird Shlàinte ag ràdh ge-tà, nach ann ag amas air cur às de sheirbheisean lannsaireachd ann an Ospadal Ghallaibh a tha iad leis a' ghluasad seo.