Droch shìde air fàire
- Air fhoillseachadh

Tha rabhadh ga sgaoileadh mu dhroch shìde ris a bheil dùil air an taobh siar Diciadain agus Diardaoin.
Tha Oifis na Sìde air rabhadh òmair a sgaoileadh, 's iad ag iarraidh air daoine a bhith mothachail.
Chaidh grunn sheirbheisean aiseig a chur dheth Dimàirt - am measg sin bha seirbheisean eadar Steòrnabhagh agus Ulapul agus eadar Malaig agus Loch Baghasdail.
Tha Cal Mac air rabhadh a thoirt gu bheil dùil ri maill air grunn mhath sheirbheisean suas gu Diardaoin.
Tha dùil gum faodadh a' ghaoth 80 mìle san uair a ruighinn aig a h-àirde.
Choinnich a' bhuidheann co-òrdanachaidh airson suidheachaidhean èiginneach anns na h-Eileanan Siar Dimàirt agus thug iad rabhadh gum faodadh an droch shìde buaidh a thoirt air seirbheisean poblach anns an sgìre.
Dh'iarr iad air a' phoball sùil a chumail air làrach-lìn Chomhairle nan Eilean Siar airson fiosrachadh mu sgoiltean a bhith dùinte neo seirbheisean còmhdhail gan cur dheth.