Ministear na h-Àrainneachd ga cuireadh chun nan Eilean Siar

Càirinis Image copyright BBC (le cead bho Undiscovered Scotland)
Image caption Tha Comhairle nan Eilean Siar a' strì airson àrdachadh ann an sgeama grantaichean nan taighean-croite.

Tha Comhairle nan Eilean Siar air cuireadh a thoirt a thoirt dha Ministear ùr na h-Àrainneachd a thighinn a choinneachadh riutha anns na h-Eileanan Siar.

Sgrìobh an Comh. Dòmhnall Crichton, a tha na Iar-chathraiche air Comataidh an Leasachaidh Sheasmhaich, gu Aileen NicLeòid, às dèidh dhith-se àite Phòil Wheelhouse a ghabhail thairis.

Choinnich Mgr Crichton ri Pòl Wheelhouse bho chionn beagan sheachdainnean, 's thuirt e gun robh còmhradh feumail aca mu ghnothaichean a tha a' dèanamh dragh do chroitearan anns na h-Eileanan.

Tha a' Chomhairle a' strì airson àrdachadh air sgeama ghranaichean nan taighean-croite, 's iad a' dèanamh dheth gu bheil sin a dhìth airson sluagh a chumail anns na h-Eileanan.

Tha dragh air a' Chomhairle nach deach measadh a dhèanamh air ìre na taice bho thòisich an sgeama ann an 2004.

Co-chomhairleachadh

Thuirt Mgr Chrichton gun robh iad a' tuigsinn gun deadh co-chomhairleachadh a dhèanamh a dh'aithghearr air mar a ghabhas sgeama ghrantaichean nan taighean-croite a thoirt air adhart, agus gun gabhadh Comhairle nan Eilean Siar pàirt ann an sin.

"Tha sinn den bheachd gum feum an ath-sgrùdadh seo a thighinn air adhart le molaidhean susbainteach airson an granta àrdachadh gu ìre reusanta. Cha toir àrdachadh beag ach glè bheag de bhuaidh air na tha de dhaoine a' dèanamh feum den ghranta - agus cosgaisean mòra mu choinneimh dhaoine a tha a' togail thaighean ann an sgìrean iomallach".

Tha Mgr Crichton cuideachd airson 's gun deadh coimhead ri na h-oighreachdan anns na h-Eileananan a bhuineas dha Riaghaltas na h-Alba a bhith air a chur fo smachd nan coimhearsnachdan.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile