Earrann ùr dhen dràma?

Chan fhada o thuirt mi gun robh Ailig Salmond, aig a' cheann thall, a' fàgail an àrd-ùrlair.

Mar a thachair, cha robh ann ach deireadh earrainn ann an dràma fada na b'fhaide.

Nuair a thèid an cùirtear a thogail a-rithist anns a' bhliadhna ùir, tòisichidh an seann phrìomh mhinistear an iomairt aige gus sgìre Ghòrdain a chosnadh don SNP aig an taghadh choitcheann.

Tha mòrchuid de 6748 aig na Lib Deamaich anns an sgìre.

Ach le Malcolm Bruce a' fàgail nan Cumantan anns a' Chèitean, tha Mgr Salmond a' faicinn gu bheil cothrom ann dha a' chùis a dhèanamh.

Cothrom dha agus don phàrtaidh cuideachd.

Dòchas

A rèir nan cunntasan-bheachd, dh'fhaodadh an SNP cur gu mòr ris an t-sianar bhall a tha aca aig Westminster an-dràsta.

Tha cuid dhiubh a' cur fichead puing eadar na nàiseantaich agus na Làbaraich, agus tha dòchas aca gu faodadh iad fichead no nas motha suidheachain fhaighinn.

Bhiodh sin na bu mhotha na bha aca aig Westminster a-riamh, nas motha na an sgiopa ball-coise a chuir an SNP do na Cumantan anns na seachdadan.

'S e an geall a tha aig Mgr Salmond gu faodadh iad buaidh mhòr a thoirt air an ath riaghaltas.

Leis a h-uile duine aig Westminster ag uallachadh airson pàrlamaid chrochte eile, b' urrainn do bhuidhinn mhòir nàiseantach Albannach an ath riaghaltas a thaghadh.

Agus, b' urrainn dhaibh an neart aca a chleachdadh gus buaidh a thoirt air polasaidhean an riaghaltais ùir.

Taic

Tha Nicola Sturgeon air a ràdh mar-thà nach tig i gu aonta sam bith leis na Tòraidhean.

Ach mura h-eil buill gu leòr aig Ed Miliband, b' urrainn dha taic iarraidh bhuaipe agus bho a caraidean anns na cumantan.

An àite co-bhanntachd foirmeil le àite anns a' chaibineat do Mhgr Salmond, tha iad air a bhith bruidhinn mu thaic a thoirt do riaghaltas beagchuid, bhòt seach bhòt.

Mar a thuirt an seann phrìomh mhinistear fhèin, tha eòlas gu leòr aige air sin o na ciad ceithir bliadhna aige anns an dreuchd, o 2007 gu 2011.

Ach ma thogas Mgr Miliband a' fòn, dè a' phrìs a bhios aig Ms Sturgeon?

Tha an liosta ceannachd aice a' coimhead soilleir gu leòr mar-thà.

Smachd

An toiseach stad a chur air ath-nuadhachadh Thrident air Abhainn Chluaidh.

A bharrachd air sin, tha Mgr Salmond ag ràdh gum bu chòir smachd air a' bhun-thuarasdal a thoirt do Holyrood, a' toirt adhbhar do dhaoine bochda bhòtadh airson an SNP an ath-bhliadhna.

Às dèidh dubh-chàineadh a dhèanamh air aithisg Coimisean Mhic a' Ghobhainn, tha Ms Sturgeon agus Mgr Salmond ag iarraidh air an luchd-bhòtaidh làmh làidir a thoirt dhaibh aig an taghadh gus barrachd fhaighinn a-mach a Westminster às a dhèidh.

Tha am plana seo an crochadh air tòrr rudan.

An dèan Mgr Salmond a' chùis ann an sgìre Ghòrdain, an SNP aig ìre nàiseanta agus na Làbaraich (cha mhòr) aig ìre na Rìoghachd Aonaichte?

Ma thachras sin uile, ma dh'fhaodte gur e an earrann as ùire dhen dràma an tè an inntinniche a bhios ann.