TurasG
- Published
Thèid feuchainn ri turasachd eadar Gàidhealtachd na h-Alba agus Gaeltacht na h-Èireann a bhrosnachadh le iomairt ùr a chaidh a chur air bhog ann an Inbhir Nis Dimàirt.
'S e CeangalG, a bhrosnaicheas ceanglaichean eadar Alba agus Èirinn, a th' air cùlaibh na làraich-lìn TurasG far am faighear fiosrachadh mu chultar agus cànan an dà sgìre.
Tha Stiùiriche CeangalG, Alasdair Moireasdan, ag ràdh gur e goireas gu math feumail a bhios ann.
"Ge bith dè an rud anns a bheil ùidh agad, faodaidh tu am fiosrachadh sin a thional agus turas dòigheil a chur - agus tha an aon rud fìor ma tha thu a' tighinn à Èirinn a dh'Alba", thuirt e.
"Tha seo airson a bhith a' brosnachadh turasachd agus aig a' cheann thall 's e gnìomhachasan anns an dà sgìre a bhuannaicheas agus buannaichidh na daoine a thèid a-null".
Bidh fiosrachadh ri fhaighinn air an làraich mu chaochladh chuspairean leithid eachdraidh, an àrainneachd agus creideamh.