Droch shìde a' toirt buaidh

Stoirm
Image caption An stoirm a' bualadh air taobh siar Leòdhais.

Chaidh na mìltean de dhaoine fhàgail as aonais an dealain Diciadain is droch shìde cuideachd a' bualadh air sgoiltean is còmdhail.

Chaidh neart na gaoithe a chlàradh aig 81 msu an Tiriodh is aig 79 msu an Uibhist a Deas is Beinn nam Faoghla.

Chaidh an dealan dheth anns na h-Eileanan an Iar air fad, a' toirt buaidh air mu 17,500 dachaidh.

Chaill daoine dealan cuideachd san Eilean Sgitheanach, air taobh siar Loch Abair, sa Ghearasdan, san Òban, an Inbhir Pheofharain, agus an ceann a tuath Chataibh.

Thuirt a' chompanaidh SSE gun robh 31,000 dachaidh gun dealan aig aon àm.

Chaidh cabhsairean Èirisgeidh agus Bhatarsaidh a dhùnadh Diciadain leis an droch shìde.

Sgoiltean

Bha na sgoiltean air fad anns na h-Eileanan an Iar dùinte Diciadain.

Gheibhear am fiosrachdh às ùr mu sgoiltean a tha dùinte ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd an seo.

'S gann gun robh aiseag san dùthaich a bha a' seòladh agus tha am fiosrachadh às ùr aig Caledonian Mac a’ Bhriuthainn.

Chaidh drochaid an Eilein Sgitheanaich a dhùnadh buileach trath Diciadain ach tha i a-nise fosgailte.

Bha rabhadh ann mu ghaoth àrd air Drochaid Cheasaig.

Pleanaichean

Chaidh an t-seirbheis adhair eadar Glaschu agus Steòrnabhagh air a chur dheth agus thuirt Flybe gun deach dàil a chur air an t-seirbheis à Glaschu gu Beinn nam Faoghla.

Bha dàil cuideachd air a' phleana bho Inbhir Nis gu Steòrnabhagh agus Beinn nam Faoghla.

Cha robh trèanaichean a' ruith tuath air Inbhir Nis, neo eadar Glaschu agus an t-Òban, an Gearastan agus Malaig.

Thug an aimsir buaidh cuideachd air ionadan slàinte am measg rudan eile.

Bha ionad meidigeach Uibhist a Deas dùinte fad an là Diciadain is ionad meidigeach Broadbay ann an Steòrnabhagh dùinte ach a-mhàin ann an cùisean èiginneach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile