Cuireadh do mhinistear ùr

Croitean
Image caption Tha Comhairle nan Eilean ag iomairt airson Sgeama nan Taighean Croite àrdachadh gu mòr, am measg rudan eile.

Tha Comhairle nan Eilean Siar air cuireadh a thoirt dhan mhinistear ùr le uallach airson croitearachd a thighinn dha na h-eileanan airson barrachd eòlais fhaighinn air a' ghnothach.

Chaidh Aileen NicLeòid ainmeachadh mar mhinistear na h-àrainneachd, atharrachadh na sìde is ath-leasachadh an fhearainn mar phàirt den chrathadh a thug am Prìomh Mhinistear ùr, Nicola Sturgeon, air a' chaibineat aice air a' mhìos a chaidh.

B'e Pòl Wheelhouse a bha san obair sin roimhe.

Choinnich riochdaireachdan bho Chomhairle nan Eilean ris anns na laithean mu dheireadh mus deach a ghluasad gu bhith na mhinistear airson sàbhailteachd sa choimhearsnachd agus gnothaichean laghaileachd.

Dùblachadh

Aig a' choinneimh sin chaidh iarraidh air Mgr Wheelhouse dùblachadh co-dhiù a thoirt air Sgeama nan Taighean Croite a tha an-dràsta aig £22,000.

Thog riochdairean na Comhairle dragh cuideachd mu chlàradh chroitean is dh'iarr iad taic a bharrachd ri cosgaisean a' chlàraidh.

Thuirt iar-chathraiche Comataidh an Leasachaidh Sheasmhaich aig a' Chomhairle, Dòmhnall Crichton, gun robh iad air am misneachadh leis a' choinneimh is gum biodh e feumail dhaibh a-nise coinneachadh ris a' mhinistear ùr.

"Tha sinne ag iarraidh meall a naidheachd a chur air Aileen NicLeòid agus tha sinn ag iarraidh cuideachd a' toirt fa comhair na còmhraidhean a bh' againn còmhla ri Pòl Wheelhouse", thuirt Mgr Crichton.

"Cudromach"

"Tha sinn ag iarraidh a thoirt fa comhair grantaichean airson taighean croite agus dhà no trì rudan eile a tha cudromach a thaobh adhartais a dhèanamh a thaobh fearainn agus croitearachd.

"Tha sinn a' cur cuireadh thuice airson tighinn suas is faicinn ciamar a tha na nithean sin ag obair anns na h-eileanan.

"A' choinneamh a bh' againn ri Mgr Wheelhouse, 's e coinneamh mhath a bh' ann agus bha e a' toirt air bòrd na h-argamaidean a bh' againn.

"Cuideachd, bha oifigich ann agus tha iadsan, tha sinn an dòchas, a' toirt oideachadh dhan mhinistear ùr a thaobh dè an suidheachadh a th' againn", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile