Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An Dùbhlachd 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Stoirm

Tha stoirm a' toirt buaidh air mòran de thaobh siar agus ceann a tuath na h-Alba. Anns na h-Eileanan an Iar, tha luchd-einnsiniridh a' feuchainn ris an dealan a thilleadh an dèidh trioblaid na bu traithe air a' mhadainn a dh'fhàg 17,000 dachaidh aig aon àm air feadh nan Eilean gun dealain. Tha sgoiltean dùinte, tha bàtaichean-aiseig nan tàmh agus tha cabhsairean Bhatarsaigh agus Èirisgeidh dùinte. Tha Drochaid an Eilein Sgitheanaich fosgailte an-dràsta dhan a h-uile seòrsa trafaig ged a tha rabhadh orra mu neart na gaoithe.

Stoirm san Spàinn

Chaidh dithis a mharbhadh ann an stoirm ann an sgìre Chatalonia ann an ceann an ear thuath na Spàinn. Thuirt riaghaltas na sgìre sin gun deach an duine agus boireannach a mharbhadh an uair a thuit balla orra ann am baile Terrassa an-raoir. Chaidh duine a ghoirteachadh cuideachd an dèidh do thrèana a dhol far na rèidhle san sgìre sin an uair a bhual i ann an craobh air an loidhne.

Pistorius

Thug britheamh ann an Afraga a Deas cead do luchd-casaid tagradh a dhèanamh an aghaidh dìtidh Oscar Pistorius airson marbhadh le coire an uair a mharbh e a leannan, Reeva Steenkamp. Thèid a' chùis a-niste gu Prìomh Chùirt Afraga a Deas far an iarr luchd-casaid dìteadh airson murt.

Ceannas nan Làbarach

'S e an-diugh an là mu dheireadh anns a' bhòtadh airson ceannard ùr dha na Làbaraich ann an Alba. Bidh Disathairne ann mus bi fios cò a shoirbhich de na triùir thagraichean agus cò cuideachd leas-cheannard ùr na pàrtaidh ann an Alba.

Nicola Sturgeon is a' Bhan-rìgh

Coinnichidh Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, ris a' Bhan-rìgh aig Luchairt Bhuckingham a-nochd. Seo a' chiad thurus a bhios Ms Sturgeon air tachairt air a' Bhan-rìgh na dreuchd ùr. Gabhaidh i a bòidean cuideachd mar ball den Chomhairle Dhìomhair.

Port Rìgh

Bidh taisbeanadh ann am Port Rìgh a-màireach agus an-earar air planaichean Comhairle na Gàidhealtachd airson bun-sgoil Ghàidhlig a' bhaile. An dèidh bliadhnaichean de dheasbad agus dàil air a' phròiseict, a chosgas mu £12m, tha a' Chomhairle an dòchas gum bi an sgoil ùr fosgailte ann an 2016 neo 2017 air a' char as fhaide.