Parsail "amharasach" an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, SNaik / Geograph
Ionad nan Camshronach
Thàinig air daoine a tha a' fuireach faisg air Ionad nan Camshronach an Inbhir Nis an dachaidhean fhàgail madainn Diciadain is dragh air nochdadh mu pharsail a fhuaireadh san sgìre.
Chaidh poilis airm an sàs às dèidh mar a chaidh am parsail a lorg taobh a-muigh an ionaid.
Chuir iad feansa timcheall air taigh ann an sràid Wimberley Way fhad 's bha rannsachadh a' dol air adhart.
Às dèidh dhaibh sgrùdadh a dhèanamh, cho-dhùin oifigearan nach robh cunnart ann.
Thathas a' tuigsinn gur e poca airm a bh' sa pharsail.
Thug Poilis Alba taic dhan t-sluagh airson an cuideachadh fhad 's bha an gnothach a' dol air adhart.