Trioblaidean ùra leis an dealan
- Published
Dh'innis a' chompanaidh SSE gu bheil na mìlltean de dhaoine fhathast as aonais an dealain.
Bha aig aon àm timcheall air 31,000 dachaidh gun chumhachd Diciadain.
Ged a chaidh dealan a thilleadh dhan mhòr-chuid dhuibh sin, tha trioblaidean ùra air bualadh air an lìonra is coltas ann gur e dealanach an Cille Chuimein mu 09.00m a bu choireach.
Aig an ìre seo, tha 27,000 dachaidh gun dealan anns na h-Eileanan Siar, san Eilean Sgitheanach, am Muile, Ìle is sgire an Òbain, Àird nam Murchan, Àird Fheàrna, Tom Aitinn agus Eilginn.
Tha SSE an dòchas gun tèid aca air cùisean a chur ceart ro mheadhan-là, ged a tha iad a' toirt rabhadh gu bheil dealanaich agus neart na gaoithe a' cur maill air luchd-einnsiniridh.
Sgoiltean
Tha cha mhòr gach sgoil anns na h-Eileanan an Iar fosgailte Diardaoin ach a-mhàin Sgoil Bhàgh a' Chaisteil.
Tha fhathast na h-uimhir de sgoiltean air a' Ghàidhealtachd dùinte agus gheibhear am fiosrachadh às ùr an seo
Chaidh Sgoil-àraich Ghàidhlig Shlèite a dhùnadh cuideachd.
Tha an aimsir fhathast a' toirt buaidh air seirbheisean aiseig a' chost an Iar.
Ath-sgrùdaidhean
Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gun dèan iad ath-sgrùdaidhean tron là agus gur dòcha gun seòl cuid de na h-aiseagan a tha nan tàmh ma shocraicheas a' ghaoth.
Gheibhear am fiosrachadh às ùr bho Chal Mac fhèin.
Tha drochaid an Eilein Sgitheanaich dùinte do charabadan àrda.