'Seinneamaid Còmhla'

Image copyright Eaglais na h-Alba
Image caption 'S e cruinneachadh de laoidhean sa Ghàidhlig a th' ann an Seinneamaid Còmhla.

Chaidh leabhar ùr de laoidhean sa Ghàidhlig a chur ri chèile is dòchas ann gur e goireas cudromach a bhios ann dhan òigridh gu h-àraidh.

'S e triùir a bhios a' frithealadh Eaglais na h-Alba ann an Cille Mhoire is Steinnseal an Ceann a Tuath an Eilein Sgitheanaich a th' air cùlaibh 'Seinneamaid Còmhla'.

Tha 100 laoidh san leabhar, a' mhòr-chuid dhuibh air an eadar-theangachadh à Beurla ach le feadhainn a rinneadh sa Ghàidhlig sa chiad dol a-mach.

Chuir an t-Urramach Lorna Hood, a bha na moidearator air Eaglais na h-Alba, fàilte air an leabhar.

Feum

"Tha mi air mo dhòigh gum faigh clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air feadh na dùthcha feum às an leabhar seo, aig àm cruinneachaidh agus àm adhraidh.

"Tha mi an dòchas cuideachd gun duisg e na ginealachdan as sinne", thuirt i.

Thug an fheadhainn a rinn an leabhar taing do dh'Urras Novum aig Eaglais na h-Alba agus do Bhòrd na Gàidhlig airson taic-airgid.

Rinn iad moladh cuideachd air daoine a sgrìobh laoidhean Gàidhlig agus an teaghlaichean airson leigeil leotha na laoidhean a chleachdadh san leabhar.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile