Nas lugha thidsearan air a' Ghàidhealtachd?

Làraidh saillidh
Image caption Dheadh gearradh cuideachd a dhèanamh air sailleadh nan rathaidhean fo phlanaichean na Comhairle

Chàin Aonadh an Luchd-teagaisg, an EIS, planaichean Chomhairle na Gàidhealtachd a bheireadh lùghdachadh air na tha de thidsearan ann an àrd-sgoiltean na sgìre.

Dheadh còrr is 50 obair a ghearradh fo phlanaichean na Comhairle, 's iad ag amas air £55m a chaomhnadh uile gu lèir thar an ath-cheithir bliadhna.

Dh'fhàgadh planaichean na Comhairle cuideachd gun deadh nas lugha a chosg air sailleadh nan rathaidhean, thigeadh àrdachadh air cosgaisean tiodhlaigidh agus dheadh cìsean parcaidh a chuir an sàs Là na Sàbaid.

Tha an Institùid airson Dràibhearan Adhartach ag ràdh gur e mearachd a bhiodh ann, nas lugha a chosg air sailleadh nan rathaidean.

Buaidh air foghlam

Tha aonadh an EIS ag ràdh gum fulaingeadh foghlam ann an àrd-sgoiltean na Gàidhealtachd nan deigheadh na planaichean air adhart.

Thuirt riochdaire an aonaidh airson sgìre na Gàidhealtachd, Bob Colman, gun tig lùghdachadh air ìre an fhoghlaim.

"Tha fìor dhragh oirnn thairis air an ath-cheithir bliadhna gum faodadh suas ri 60 obair teagaisg falbh - bidh fìor bhuaidh aig an sin air ìre an fhoghaim agus an teagaisg ann an sgoiltean na Gàidhealtachd" thuirt e.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gum faodadh teicneolas ùr a bhith air a chuir gu feum ann an dòigh a chiallaicheas gum bi nas lugha luchd-teagaisg a dhìth.

Thog Mgr Colman ceist mu dheidhinn sin cuideachd ge-tà leis gu bheil a' Chomhairle cuideachd am beachd gearradh a thoirt air na tha iad a' cosg air IT anns na sgoiltean.

Thig co-dhùnadh air na planaichean aig coinneaimh dhen Làn-Chomhairle air an 18mh là dhen Dùbhlachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile