Rannsachadh air fo-thiotalan air BBC Alba

Suaicheantas BBC Alba
Image caption Feumaidh an sianal 500,000 luchd-amhairc a thaladh gach seachdainn

Thèid beachdan dhaoine a shireadh mu fo-thiotalan air BBC Alba 's luchd-iomairt airson 's gun deadh cur às dhiubh.

Tha riaghladair a' chraolaidh, Ofgem, ag ràdh nach eil dleastanas air an t-sianal fo-thiotalan Beurla a shealltainn.

Tha MG Alba ag ràdh ge-tà gu bheil feum orra gus am faigh iad air barrachd luchd-amhairc a thaladh dhan t-sianal.

Tha dleastanas air an t-sianal 500,000 luchd-amhairc a thaladh gach seachdainn.

"Eirimseach, ealanta agus eadar-nàiseanta"

Tha an luchd-iomairt a dh'iarradh nas lugha Bheurla air an t-sianal ag ràdh gur e sianal "eirimseach, ealanta agus eadar-nàiseanta" a bu chòir a bhith ann an BBC Alba - agus gur e sin a dh'fhaodadh a bhith ann fhathast.

Thuirt am bàrd Aonghas Dubh MacNeacail nach e càil aige-san an aghaidh fo-thiotalan a bhith air an t-sianal ma ghabhas an cuir dheth mura h-eil daoine gan iarraidh.

"Ma tha roghainn aig luchd-amhairc coimhead air na fo-thiotalan neo an dubhadh às, tha sin ceart gu leor ach chan eil mise a' faireachdainn gum bu chòir dha a bhith air a sparadh air daoine" thuirt e.

Nì a' bhuidheann rannsachaidh Lèirsinn sgrùdadh a dhearbhas a bheil daoine ag iarraidh nam fo-thiotalan neo nach eil.

Thuirt Ceannard Seirbheis BBC Alba, Mairead Màiri Mhoireach, gun tèid feairt a thoirt air na beachdan a gheibh iad.

"Ma thig an teachdaireachd làidir agus ma dh'èisteas Urras a' BhBC ris an teachdaireachd a tha sin, thèid sin a chuir a-steach dhan chead-craolaidh againn agus feumaidh sinn an ro-innleachd againn atharrachadh" thuirt i.

Dh'iarradh i cuideachd gum biodh e comasach do dhaoine na fo-thiotalan a thionndadh dheth, mar a tha an luchd-iomairt a' moladh.

"Chan eil e comasach an-dràsta roghainnean a bhith againn a thaobh fo-thiotalan a chuir air agus dheth mar a thogradh sinn ach tha mise a' smaoineachadh tro leasachaidhean leithid an IPlayer - bho chionn dhà neo trì bhliadhnaichean air ais rinn sinn deuchainn le Eòrpa air an eadar-lìon a-mhàin far an robh sinn a' tabhainn a' phrògraim às aonais fo-thiotalan, le fo-thiotalan Beurla agus le fo-thiotalan Gàidhlig agus tha mise an dòchas, tro ùine, gum bi na seòrsa cothroman sin againn".

Thà dùil ri buil an sgrùdaidh air na fo-thiotalan anns a' Bhliadhna Ùir.

Timcheall a' BhBC

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile