BBC Naidheachdan

Dragh mu ìrean eucoir ann an Earra-Ghàidheal

Published
image captionDh'fhàgadh na planaichean gum biodh Muile anns an aon sgìre ri Pàislig
Nochd fear a bha roimhe na oifigear poilis ann an Earra-Ghàidheal dragh gum faodadh àrdachadh tighinn air ìrean eucoir ann an Earra-Ghàidheal ma thèid gabhail ri planaichean gus feachdan poilis a chuir còmhla.
Thathas a' moladh roinn Earra-Ghàidheal agus Siorrachd Dùn Bhreatainn a chuir a-steach còmhla ri Inbhir Chluaidh agus Siorrachd Rinn Friù.
Tha Poilis na h-Alba air co-chomhairleachadh a chuir air chois mu na planaichean, 's iad a' dèanamh dheth gun sabhaladh an t-atharrachadh airgead agus gun neartaicheadh e an obair aca.
Tha cuid de luchd-poileataigs na sgìre air na planaichean a chàineadh ge-tà 's iad ag ràdh gu bheil cunnart ann nach biodh na poilis cho mothachail de dh'fheumalachdan ionadail ma thèid iad stèidhichte nas fhaide air falbh.
Thuirt Màiri NicGilleBhrath a sheasas dhan na Làbaraich anns an taghadh choitcheann an ath-bhliadhna gu robh na planaichean "maslach" agus gur e ceum air ais a bhiodh ann ma thèid prìomh oifis nam poilis a ghluasad a-mach às an sgìre.

Eucoir

Thuirt Dàibhidh MacPheadrais a chuir seachad ochd bliadhna deug na oifigear poilis ann an Earra-Ghàidheal gu robh dragh air-san gun toireadh an t-atharrachadh droch bhuaidh air ìrean eucoir anns an sgìre.
"Aig an ìre-sa, tha ìrean eucoir a' tuiteam ach cha chuireadh e iongnadh orm nan tòisicheadh iad ag èirigh a-rithist ma tha Earra-Ghàidheal air a mheas mar "thargaid fhurasta" far nach eil mòran oifigearan poilis a-muigh air na sràidean, cha toir e fada mus aithnich na h-eucoirean sin", thuirt e.
Thuirt Poilis na h-Alba gu robh iad a' bruidhinn ri luchd-obrach air am faodadh na planaichean buaidh a thoirt.