Bàis air na beanntan

Sneachd air na beanntan
Image caption Bhàsaich 25 duine air beanntan na h-Alba ann an 2012

Sheall figearan a dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba gun do bhàsaich 25 duine ann an tubaistean beinne ann an 2012.

Bidh daoine a' gabhail chun nam beanntan ann an Alba còrr is seachd millean turas gach bliadhna.

Ann an 2012, rinn sgiobannan teasairginn nam beann comhair air 720 duine, le 240 dhiubh sin air an goirteachadh.

Tha rabhadh ga thoirt do luchd-sreap nam beann a bhith gu h-àraidh faiceallach thar mìosan a' gheamhraidh - agus gum bi iad air an uidheamachadh ceart mus tèid iad a-mach.

Thathas a' moladh dhaibh cuideachd sùil a thoirt air làrach-lìn Sport Scotland far a bheil fiosrachadh mun chunnart bho mhaoimean-sneachda.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile