Sneachd air an A9

Làradh saillidh Image copyright Getty Images
Image caption Thug sneachd agus deigh buaidh air grunn rathaidean Dihaoine

Chaidh pàirt dhen A9, eadar Grèanais faisg air an Aghaidh Mhòir agus Inbhir Nis, a dhùnadh Dihaoine fhad 's a bha sneachd ga thoirt far an rathaid.

Thuirt Poilis na h-Alba gu robh cùisean duilich do dhràibhearan eadar Tom Aitinn agus Inbhir Nis.

Thathas a' comhairleachadh do dhràibhearan sùil a thoirt air làrach-lin Trafaic na h-Alba airson an fhiosrachaidh as ùire.

Thug sneachd agus deigh buaidh air grunn rathaidean air feadh a' chinn a tuath Dihaoine aig a' cheart àm 's tha draghan air nochdadh mu phlanaichean Chomhairle na Gàidhealtachd nas lugha airgid a chosg air sailleadh nan rathaidean mar phàirt dhen na gearraidhean aca.

Thuirt Poilis na h-Alba nach bu chòir do dhaoine siubhail mura h-eil an turas aca riatanach, agus a dhèanamh cinnteach gum bi aodach blàth orra ma thèid iad a-mach gun fhios nach tig maille orra.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile