Ceist mu ionad ùr sgudail

Tuathanas-èisg Image copyright PA
Image caption Dheadh sgudal bho thuathanasan-èisg a losgadh san ionad.

Tha ceist ann fhathast an tèid ionad sgudail ùr air adhart ann an Uibhist, ged a fhuair am pròiseact ann am Beinn nam Fadhla cead-dealbhachaidh bho Chomharle nan Eilean Siar.

Tha am fear-gnothachais Seòras Dòmhnallach airson ionad ùr sgudail a thòiseachadh, a dh'aona-ghnothaich airson sgudail bho thuathanasan èisg a losgadh.

Bhiodh an t-ionad stèidhichte ann an seann gharaids bus.

Tha Buidheann Dìon na h-Àrainneachd (SEPA) fhathast gun sùil a thoirt air an sgeama, agus tha dragh ann mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aige air muinntir na sgìre.

Thug Comhairle nan Eilean Siar cead-dealbhachaidh seachad, a dh'aindeoin mòran ghearainnean na aghaidh, ag ràdh nach robh adhbharan làidir gu leòr ann airson stad a chur air.

Bha daoine a' gearain air an fhàileadh a thigeadh às an ionad, agus iad draghail gun toireadh e buaidh orra 's air an cuid ghnìomhachasan.

Tha an làrach gu math faisg air grunn thaighean, agus tòrr aca a' tabhainn leabaidh is breacaist do luchd-turais.

Chuir 35 duine an ainm ri ath-chuinge an aghaidh a' phlana.

Thuirt Mgr Dòmhnallach ge-tà gun cuireadh e cùisean air dòigh gus nach biodh fàileadh ann.

Chan fhaod an t-ionad a dhol air adhart gun cead fhaighinn bho SEPA.

Thathas a' tuigsinn gun toir SEPA sùil air na planaichean a dh'aithghearr.