Iarrtas an aghaidh cala ùr a stèidheachadh

Bàgh an Eige
Image caption Bheireadh am plana smachd air sgìre fharsainn aig beul na linne do Global Energy.

Thèid iarraidh air comhairlichean na Gàidhealtachd an t-seachdain seo cur an aghaidh tagradh gus cala prìobhaideach a stèidheachadh ann an Linne Chrombaigh.

'S e a' bhuidheann Global Energy a tha air cùl nam planaichean.

Tha a' chompanaidh, leis a bheil Gàrradh Bhàgh an Eige, air cead iarraidh bho Riaghaltas na h-Alba gus an cala a stèidheachadh.

Bheireadh seo smachd dhaibh air sgìre fharsainn timcheall air beul Linne Chrombaigh.

Tha Ùghdarras Port Chrombaigh ag ràdh gum faodadh sin cron a dhèanamh air companaidhan eile agus air eaconamaidh na sgìre.

Ann an aithisg a thèid air beulaibh Comhairle na Gàidhealtachd Diardaoin, thathas ag iarraidh air comhairlichean gu h-oifigeil cur an aghaidh tagradh Ghlobal Energy.

Thathas ag iaraidh orra cuideachd còmhraidhean a stèidheachadh eadar Global is Ùghdarras Port Chrombaigh feuch plana aontachadh eatorra gu maith eaconamaidh na sgìre.