BBC Naidheachdan

Pàiste ann an tubaist rathaid

Published
image captionBhuail càr anns an leanabh aig an deireadh-sheachdain.
Chaidh pàiste a chaidh a bhualadh le càr ann an Inbhir Nis aig an deireadh-sheachdain a ghluasad gu ospadal ann an Glaschu.
Thachair an tubaist mu 4:40f Disathairne ann an sgìre Bhaile a' Ghobhainn.
Chaidh an nighean a tha 19 mìosan a dh'aois a chur a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir an toiseach agus tha i a-nis ann an Ospadal Chloinne Yorkhill.
Thuirt Poilis na h-Alba gu bheil i ann an suidheachadh seasmhach.