BBC Naidheachdan

Cha dhùin Dùnrath gu 2029

Published
image copyrightdsrl
image captionBha dùil gun dùineadh an t-seann ionad niuclasach ann an 2025.
Cha tèid ionad niuclasach Dhùnrath ann an Gallaibh a dhùnadh gu 2029 - seach 2025 mar a bha dùil.
Chuir riaghailtean ùra co-cheangailte ri connadh niuclasach agus tèarainteachd barrachd obrach air an fheadhainn a tha a' dùnadh Dhùnrath.
Thuirt Cavendish Dounreay Partnership gun cùm iad an aon àireamh de luchd-obrach, ach gun toir an obair nas fhaide.