Cunnart do dh'oifisean puist

Oifis a' Phuist
Image caption Dheadh tuarastal nam maighstirean puist ìsleachadh an cairteal cuid.

Tha oifisean puist bheaga air a' Ghàidhealtachd an cunnart dùnadh, air sgàth mar a tha Oifis a' Phuist ag ìsleachadh na h-inbhe aca.

Thog comhairliche Sgitheanach iomagain gu sònraichte mu chuid de dh'oifisean an eilein.

Tha e ag iarraidh air Comhairle na Gàidhealtachd iomairt a chur air chois airson oifisean air feadh na Gàidhealtachd a dhìon.

Tha an Comh. Drew Millar air ceist oifigeil a chuir sìos airson Ceannard na Comhairle, aig coinneimh an ùghdarrais ionadail Diardaoin seo tighinn.

Tha e ag ràdh gu bheil cunnart gun tèid cuid de dh'oifisean puist an eilein ìsleachadh, a' ciallachadh nach biodh iad a' dèanamh cuid de rudan a tha iad an-dràsta, leithid ceadachd rathaid agus làimhseachadh phàisealan mòra.

Ach bhiodh e cuideachd a' ciallachadh ìsleachadh cairteal cuid ann an tuarastal an fheadhainn a tha a' ruith nan oifisean.

Do chuid aca, tha sin a' ciallachadh nach b' urrainn dhaibh cumail a' dol.

Ann am freagairt sgrìobhte, tha Ceannard na Comhairle, Drew Hendrey ag ràdh gum biodh e deònach coinenachadh ri ceannardan Oifis a' Phuist airson oifisean an àite sam bith air a' Ghàidhealtachd a dhìon.