Maoineachadh do chàball fo Linne Mhoireibh
- Air fhoillseachadh

Thug Riaghladair a' Chumhachd, Ofgem, cead do mhaoineachadh luach £1.1bn airson càball air grunnd Linne Mhoireibh a bheir dealan eadar Gallaibh agus Moireibh.
Tha an t-sùim sin £105m nas lugha na dh'iarr a' chompanaidh Scottish Hydro Electricity Transmission (SHET), a tha mar phàirt de Scottish and Southern Energy.
Thuirt SSE gun robh iad a' beachdachadh air a' cho-dhùnadh, a tha cuideachd a' toirt cothrom cuid de chosgaisean fhaighinn air ais, feuch am bi e gu leòr mu choinneimh na dh'fhaodadh iad a chall.
Ma thèid an càball air adhart, shìneadh e 100 mìle eadar an Spideal ann an Gallaibh, gu ruige Blackhillock, faisg air Baile Chèith ann am Moireibh.
Bhiodh earrainnean dheth a bhiodh air tìr air an cur fon talamh.
Thathas den bheachd gun leigeadh e leis a' Ghriod Nàiseanta 1.2 gigawatt a bharrachd de chumhachd ath-nuadhachail a ghiùlain.