Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An Dùbhlachd 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Pagastan

Thug fir-ghunna Taliban ionnsaigh air sgoil ann an sgìre Peshawar ann an ceann an iar-thuath Pagastan, 's tha aithrisean ann gun deach cho mòr ri 100 duine a mharbhadh, 's gur e clann a bh' anns a' chuid as motha dhiubh. Thuirt oifigich ann am Pagastan gu bheil feachdan tèarainteachd na dùthcha a' cuairteachadh na sgoile, agus gun deach feadhainn de na fir-ghunna a mharbhadh.

An Atmhorachd

Thuit an atmhorachd anns an t-Samhain, a rèir an CPI, gu 1%, an ìre as lugha bho chionn dusan bliadhna. Thuirt Oifis na Staitistig Nàiseanta gun do thuit e barrachd 's a bha dùil ach gu bheil e na shealladh air mar a thuit prìs a' chonnaidh agus cosgaisean còmhdhail. Chan eil coltas ann, le ìre ìseal na h-atmhorachd, gum bi Banca Shasainn deònach ìre an rèidh a chur suas bho 0.5%.

Bhòtaichean Sasannach

Tha John Prescott, a bha na Leas-Phrìomhaire Làbarach, a' cur teagamh ann am plana Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a chuireadh smachd air na bhiodh de ghnothach aig Buill-Phàrlamaid Albannach ann an Westminster ri cùisean Sasannach. Thuirt Mgr Prescott gu bheil na molaidhean air an tug Daibhidh Camshron an t-ainm "Bhòtaichean Sasannach airson Laghan Sasannach" gan cur air adhart ann an cabhaig an dèidh referendum na h-Alba. Thuirt esan gur e a tha a dhìth ach fèin-riaghladh dha na roinnean Sasannach seach leasachadh aig Westminster.

Bancaichean

Dh'fhàilich Banca a' Cho-op deuchainn a thomhas dè cho math 's a sheasadh bancaichean mòra Bhreatainn ri èiginn eaconamaich eile. Fhuair an deuchainn Lloyds agus Banca Rìoghail na h-Alba ann an cunnart, ach shoirbhich le còig bancaichean eile san sgrùdadh a rinn Banca Shasainn orra.

Gearraidhean Chomhairle na Gàidhealtachd

Dh'fhoillsich a' bhuidheann neo-eisimeileach air Comhairle na Gàidhealtachd na molaidhean a th' aca fhèin airson airgead a shàbhaladh. Thèid gearraidhean na buidhne-riaghlaidh - co-bhanntachd eadar an SNP, na Lib-Deamaich 's na Làbaraich - mu choinneimh na Làn-Chomhairle an earrar. Tha na Neo-eisimeilich ag ràdh ge-tà, gum bu chòir, am measg rudan eile, cosgaisean agus pàigheadh nan Àrd-Chomhairlichean a ghearradh, seach a bhith a' gearradh àireamh thidsearan agus glanadh nan rathaidean air a' Gheamhradh.

Lannsair Uibhist

Thèid sgìre Uibhist fhàgail gun sheirbheis lannsair làn-ùine nuair a leigeas an lannsair a th' ann dheth a dhreuchd aig deireadh na bliadhna. Thuirt NHS nan Eilean Siar gun tèid seirbheis lannsair a chumail ann an Ospadal Uibhist is Bharraigh, le lannsairean a bhios a' tadhail ann.

Oifisean Puist

Tha fear de Chomhairlichean an Eilein Sgitheanaich, Drew Millar, ag iarraidh taic Chomhairle na Gàidhealtachd airson dìon a chur air oifisean puist bheaga anns na sgìrean iomallach. Tha Mgr Millar ag ràdh gu bheil gearraidhean anns na seirbheisean a tha na h-oifisean as lugha a' toirt seachad a' ciallachadh nach fhiach do dh'fheadhainn dhiubh cumail a' dol.