Freagairt Mheadhan Lodainn?

'S e casaid chumanta a chuirear air luchd-poileataigs nach freagair iad ceistean.

Ann am poileataigs na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte tha ceist a tha air a bhith gun fhreagairt fad bhliadhnaichean.

Anns na seachdadan, ron chiad bhòt air fèin-riaghladh, thogadh i le ball Lodainn an Iar, Tam Dalyell.

Carson, dh'fhaighnich e, a bu chòir cead a bhith aig buill Albannach aig Westminster bhòtadh air cùisean leithid slàinte is foghlam anns na Cumantan nuair a bha na rudan seo fo smachd na Pàrlamaid Albannaich?

Am beachd an t-seann shaighdeir Làbaraich cha robh ach aon fhreagairt, gun phàrlamaid a stèidheachadh ann an Dùn Èideann idir.

Cha deach leis - ach cha deach freagairt eile a thoirt seachad.

Sgrùdadh

Bhon uinneig agam fhìn sa Phàrlamaid, 's e Lodainn an Ear seach an Iar a chìthear air fàire, cha mhòr.

Ach fiù 's air là grianach geamhraidh mar seo, a bheil an fhreagairt idir nas soilleire?

An-diugh cha b' e freagairt ach freagairtean a thugadh seachad le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.

A rèir Cheannard nan Cumantan, ghabhadh casg a chur air buill Albannach bhòtadh air cùisean Sasannach, cothroman sgrùdaidh a bharrachd a thoirt do bhuill Shasannach ro bhòt mu dheireadh nan Cumantan, air neo còir veto a thoirt dhaibh air cuid de reachdas na Pàrlamaid.

Dh'fhoillsich e cuideachd plana Lib-Deamach airson Comataidh Bhall Sasannach a dhèanadh sgrùdadh air bile sam bith a bhuineadh ri Sasainn a-mhàin.

Sìmplidh gu leòr?

Dleastanas

'S e a' chiad thrioblaid gu bheil a' dol as àicheadh gu bheil a leithid de bhilichean ann.

Tha an SNP air a bhith a' cumail a-mach gu bheil buidseat na h-Alba stèidhichte - tro Fhoirmle Bharnett - air na thèid a chosg air slàinte, foghlam agus mar sin air adhart anns a' chòrr dhen Rìoghachd Aonaichte.

Mar sin, their iad, nach eil dleastanas orrasan bhòtadh air rudan a bheir buaidh an airgead - agus mar sin air seirbheisean - ann an Alba?

A rèir nan Làbarach, 's e an trioblaid gum fàgadh seo gum biodh "dà chlas" bhall anns na Cumantan, feadhainn le cead bhòtadh air a h-uile càil, agus feadhainn eile nach bhòtadh ach air cuid de rudan.

Nas miosa na sin, bhon taobh acasan, tha dragh orra nach biodh iad comasach riaghladh ann an Sasainn anns an àm ri teachd.

Mar a thachras, cha b' e Tam Dalyell a' chiad fhear a thog a' cheist seo.

Meadhan Lodainn

Thogadh i cha mhòr ceud bliadhna ron deasbad air fèin-riaghladh na h-Alba, le Ball-Pàrlamaid Mheadhan Lodainn, no mar as fheàrr aithneachadh e, Prìomhaire Rìoghachd Aonaichte na Breatainne Mòire agus na h-Èirinn, William Ewart Gladstone.

Anns a' chiad deasbad air bile gus fèin-riaghladh a thoirt do dh'Èirinn ann an 1886, thuirt ceannard nan Libearalach nach b' urrainn do bhuill Èireannach tighinn do na Cumantan gus bhòtadh air cùisean Sasannach no Albannach nan robh cùisean Èireannach gu bhith fo smachd Bhaile Átha Cliath.

An uair sin, bha na dearbh thrioblaidean ann agus cha deach leotha aonta a ruighinn leis a' Phàrtaidh Èireannach air na bha ann an reachdas Sasannach.

Aig a' cheann-thall, bha freagairt aig na h-Èireannaich fhèin don cheist agus dh'fhàg na 26 contae an Rìoghachd Aonaichte uile gu lèir.

Tha dragh air cuid agus dòchas aig cuid eile gur e an aon rud a thachras a-rithist.

Bidh againn ri feitheamh gus am bi an taghadh seachad gus am faic sin a bheil sinn nas fhaisge air freagairt sam bith.