Mòr-chuid airson mhinistearan gèidh
- Published
Bhòt mòr-chuid de chlèirean Eaglais na h-Alba airson ministearan gèidh a cheadachadh.
Chaidh a' chùis a chur gu na clèirean na bu tràithe air a' bhliadhna, agus thèid co-dhùnadh deireannach a dhèanamh air a' cheist aig Àrd-Sheanadh na h-ath bhliadhna.
Tha a' chùis air a bhith gu math connspaideach do dh'Eaglais na h-Alba.
Dh'fhàg grunn choithionalan agus mhinistearan an eaglais, an dèidh mar a chaidh an t-Urr. Scott Rennie, a tha gèidh, a phòsadh ri coithional Crois na Bàn-righinn ann an Obar Dheathain ann an 2009.
Am-bliadhna, bhòt Àrd-Sheanadh na h-Eaglaise airson moladh a cheadaicheadh ministearan gèidh nan iarradh coithional ministear a bha gèidh a ghairm.
'S e atharrachadh mòr a bha sin ann an lagh na h-Eaglaise ge-tà, agus dh'fheumadh e a dhol gu na clèirean air feadh na dùthcha.
Is coltach gu bheil mòr-chuid den 26 clèirean a-nis air a ràdh ris an Eaglais gu bheil iad airson a' mholaidh.
Chan e seo deireadh na cùise ge-tà. Bidh aon bhòt eile ann aig an Àrd-Sheanadh an ath-bhliadhna, airson am moladh a chur an gnìomh mar lagh na h-Eaglaise.