Brosnachadh do Chàball a' Chuain Sgìth

Càball
Image caption Tha maill mhòr air tighinn air Càball a' Chuain Sgìth, a thathas a' faicinn riatanach airson cumhachd ath-nuadhachail a leasachadh sna h-Eileanan Siar.

Tha an taic-airgid a chaidh aontachadh do chàball dealain fo Linne Mhoireibh a' toirt dòchais do chuid gun tachair an leithid fhathast eadar na h-Eileanan an Iar agus Tìr Mòr.

Bheir Ofgem £1.1bn do phròiseact SSE 'son Linne Mhoireibh.

Tha sin còrr 's £100m nas lugha na chaidh iarraidh 'son an sgeama, ach tha Murchadh Moireach, eòlaiche air cumhachd ath-nuadhachail, den bheachd gur dòcha gur e deagh rud a tha sin.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e naidheachd mhath a th' ann san t-seadh gu bheil Ofgem a' ceasnachadh 's a' rannsachadh a' ghnothaich," thuirt e.

Ceum Mòr

"Chan eil iad dìreach a' gabhail na cosgais a th' air am beulaibh.

"Agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin a chum buannachd a' mhòr-shluaigh.

"Ach rud eile. Tha iad a' gabhail a-steach gu bheil dòighean eile ann far am faod na cosgaisean, ma 's e 's gun tèid iad suas, a ghabhail a-steach.

"Tha iad ag atharrachadh an dòigh-obrach, airson nuair a bhios an obair a' dol air adhart, gum faod iad sùil a chumail air, agus ma 's e 's gu bheil nithean sònraichte ann a bhiodh feumail pàigheadh air a shon, tha iad a' gabhail sin a-steach.

"Agus a-rèiste, tha dòigh ann tha mi a' smaoineachdainn anns am faodadh SHE Transmission a dhol air adhart ann am mothachadh gu bheil dà thaobh air seo.

"Chan e a-mhàin gu bheileas a' cur beagan gearradh cosgais orra. Tha iad a' toirt dhaibh dòigh air sealltainn, ma 's e 's gu bheil cosgaisean a' dol suas, gu bheil slighe ann airson beagan a bharrachd fhaighinn.

"Ma 's e 's gun tig iad gu aonta airson seo a phutadh air adhart, tha mi a' smaoineachadh gu bheil e a' toirt ceum mhòir airson càball taobh an iar den rìoghachd.

"Bhon, aig deireadh an là, chan eil an rud gu bhith cothromach gus am bi barrachd chumhachd air a thoirt gu deas, agus feumaidh am bun-structair a bhith air a chur an sàs.

"Tha mi dha-rìribh toilichte gu bheil an dà riaghaltas a-nise a' putadh an rud seo air adhart.

"'S e naidheachd sònraichte math a th' ann, agus tha dòchas gun tèid seo air adhart ann an tomhais de dh'aithghearrachd," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo