Dàil bliadhna air gearradh thidsearan

Pàipearan Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum feum iad £55m a shàbhaladh thairis air ceithir bliadhna.

Tha ceannardan Comhairle na Gàidhealtachd air dàil a chur ann am planaichean 'son an àireamh de thidsearan a ghearradh.

Mhinich a' bhuidheann-riaghlaidh Diciadain gun tèid dàil fad bliadhna a chur anns na molaidhean.

Chaidh draghan a thogail gum faodadh mu 60 dreuchd àrd-sgoile a bhith air an call.

Thuirt Ceannard a' Bhuidseit, an Comh. Maxine Nic a' Ghobhainn, gur ann bho bhuidseat eile a thig an t-airgead.

Coinnichidh an Làn-Chomhairle Diardaoin, 's dùil gun aontaich iad air buidseat thar cheithir bliadhna.

Tuilleadh ghearraidhean

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum feum iad £55m a shàbhaladh thairis air ceithir bliadhna.

Tha ceannardan na Comhairle cuideachd air cur às do phlanaichean 'son ìre a' bhìdh sna sgoiltean ìsleachadh.

Ach thèid beachdachadh fhathast air gearraidhean ann an sailleadh nan rathaidean, àrdachadh ann an cosgaisean tiodhlacaidh agus cosgaisean pàrcaidh Didòmhnaich.

Agus tha a' Chomhairle cuideachd air rabhadh a thoirt gum feumar tuilleadh ghearraidhean a chur an sàs sna bliadhnaichean ri teachd.