Comhairle a' bhòtadh air gearraidhean
- Air fhoillseachadh
Bhòtaidh comhairlichean na Gàidhealtachd Diardaoin air planaichean airson àireamhan luchd-teagaisg a ghearradh agus lùghdachadh a thoirt air seirbheis saillidh rathaidean na sgìre.
Tha na molaidhean a' nochdadh ann am plana nas fharsainge airson £55m a shàbhaladh thairis air ceithir bliadhna, air an tèid bhòtadh aig coinneimh den Làn-Chomhairle Diardaoin.
Tha iad mar thà air £40m de shàbhalaidhean a chomharrachadh.
Uile gu lèir, thèid 300 dreuchd làn-ùine ann an roinn na Gàidhealtachd a chall
Dh'innis a' Chomhairle nach caill duine an cosnadh an aghaidh an toil.
Chaidh innse Diciadain nach tèid cuid de na gearraidhean a chur an sàs.
Thèid dàil bliadhna air na planiachean airson na th' aca de luchd-teagaisg anns na h-àrd-sgoiltean a ghearradh.
Chaidh innse cuideachd gum bi am biadh sgoile aig an aon ìre aig a bheil e an-dràsta.
Ach tha iad fhathast a' moladh nach tèid na rathaidean air a bheil nas lugha na 20 carbad a' siubhail a shailleadh, agus thèid iarraidh orra cosgaisean tiodhlacaidh agus parcaidh a chur suas neo a stèidheachadh.
Tha beàrn £13m fhathast ann am buidseat na Comhairle gu 2019, agus tuilleadh ghearraidhean air fàire.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 17 An Dùbhlachd 2014