"Trainnsearan deighe" air bhog air Uisge Dè
- Air fhoillseachadh

Chaidh cearcallan deighe, cho mòr ri trainnsearan, a lorg air bhog air Uisge Dè ann an Siorrachd Obar Dheathain.
B' iad buill de dh'Urras Uisge Dè a lorg iad, ann an Linne Lummels, faisg air Braois.
Thuirt Bith-eòlaiche na sgioba, Jamie Urchadain, gu bheileas den bheachd gur e cop a bh' air uachdar na h-aibhne, agus a chaidh a reothadh fhad 's a bha bloighean den chop a' bualadh na chèile, a chruthaich na cearcallan.
Gheibhear seo ann an aibhnichean, agus aig muir.
Thuirt Mgr Urchardain, a lorg agus a thog dealbhan de na cearcallan: "Tha sinn an dùil gur e seo a thachair - bha cop a bh' air bhog air uachdar na h-aibhne, 's thòisich e a' reothadh, 's dòcha san oidhche.
"Chaidh bloighean de chop reothte a phutadh mun cuairt ann an coileach an t-srutha, 's ghabh iad ri chèile ann an cruth cearcallach.
"Tha teothachd an adhair ag èirigh - tha e nas fhuaire san oidhche ri linn na speuran a bhith soilleir, ach nas blàithe tron là - agus tha sin a' ciallachadh gur dòcha gun do dh'fhàs na cearcallan thar na h-oidhche, a' cruinneachadh cop a bharrachd thuca.
"An uair sin, tron là, fhad 's a dh'fhàs na cearcallan nas buige fon ghrèin, gu h-àraid mun iomall, chuir mar a bhuail iad na chèile iomall nan cearcallan suas.
"An oidhche às dèidh sin, thàinig fàs a bharrachd, le iomall ùr nas motha."