BBC Naidheachdan

Tubaist air an A9

Published
image copyrightCalum Pearson
image captionChaidh an rathad a dhùnadh treis madainn Diardaoin.
Chaidh an A9 tuath air Drochaid Cheasaig a dhùnadh treis madainn Diardaoin, an dèidh do thrì chàraichean agus bus bualadh na chèile.
Thachair an tubaist aig 07:45m, mu mhìle tuath air an drochaid san Eilean Dubh.
Bha maill mhòr air trafaig treis fhad 's a bhathas a' dèiligeadh ris an tubaist, ach tha an rathad a-nise fosgailte.
Chan eil fhios aig an ìre seo co-dhiù chaidh duine a ghoirteachadh.