Bun-sgoil Mhalaig dùinte
- Published
Bidh bun-sgoil Mhalaig dùinte Dihaoine às dèidh mar a nochd trioblaid anns an t-similear ann an togalach na sgoile.
Chaidh na sgoilearan a ghluasad a-mach às an sgoil aig 2:00f Diardaoin nuair a chaidh mothachadh dhan trioblaid.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun tèid sgrùdadh a dhèanamh air an t-similear Diluain, agus gun tèid obair sam bith a tha a dhìth a dhèanamh thar làithean-saora na sgoile.
Fàgaidh seo gun tòisich làithean-saora na cloinne là nas tràithe na sgoilearan eile air a' Ghàidhealtachd.
Thathas ag iarraidh air pàrantan sùil a chumail air làrach-lìn na Comhairle airson an fhiosrachaidh as ùire nuair a thilleas na sgoiltean anns a' Bhliadhna Ùir.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh