Briseadh-dùil mu Chaisteal an Toll Àird
- Air fhoillseachadh

Tha coltas ann a-nis nach tèid Caisteal an Toll Àird ann an Còmhghall a Deas a ghabhail thairis leis a' choimhearsnachd.
Bha Companadh Leasachaidh Chòmhghaill a Deas ag iarraidh air Comhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid lùghdachadh £1m a thoirt air prìs a' chaisteil airson a dhèanamh comasach dhaibh-san a cheannach.
Bheireadh sin a' phrìs sìos gu £750,000.
Cha do ghabh a' Chomhairle ris an sin ge-tà, ach thabhainn iad iasad £1m dhan bhuidhinn.
Chan fheumadh iad an t-airgead a phàigheadh air ais airson trì bliadhna.
"Briseadh-dùil"
Thuirt Ailean Stiùbhart bhon chompanaidh choimhearsnachd gu bheil e gu math ao-coltach a-nis gun gabh na planaichean aca a thoirt gu buil.
"Bha sinn air co-dhùnadh roimhe nach obraicheadh iasad dhuinn - fiu 's le ìre rèidh ìosal, chuireadh e às dhan phròiseact", thuirt e.
Bha a' bhuidheann an dùil gun cruthaicheadh am pròiseact 70 cosnadh, agus bha duine air ùidh a nochdadh ann a bhith a' gabhail an togalaich mhòir air màl.
Thuirt an Comh. Robin MacMhuirich ge-tà, gum biodh aca ri gearraidhean a dhèanamh ann an àitean eile nam biodh iad air gabhail ri tagradh na buidhne.
Bha luchd-iomairt a bha a' cur taic ri oidhirp na coimhearsnachd a' togail fianais fhad 's a bha a' chùis ga deasbad.
Chlàr a' chompanaidh choimhearsnachd ùidh anns an togalach le Riaghaltas na h-Alba an uiridh, a' fàgail gum b'fheudar dha Comhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid stad a chur air na h-oidhirpean aca gus a reic gu coimearsalta.