Dragh mu bhuaidh ghearraidhean ùra

Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Feumaidh Comhairle na Gàidhealtachd £55m de ghearraidhean a chur an sàs uile gu lèir.

Tha an t-aonadh Unison ag ràdh gun caill suas ri 700 duine an cosnadh leis na gearraidhean a dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd Diardaoin.

Chuir iad romhpa gearraidhean luach £42m eadar seo agus 2019, agus feumaidh iad £13m eile de ghearraidhean a bharrachd air sin.

Tha Ceannard na Comhairle, Drew Hendry, ag ràdh nach caill duine cosnadh an aghaidh an toil.

Dhiùlt a' bhuidheann-riaghlaidh cuideachd moladh nan neo-eisimeileach a bha ag iarraidh àrdachadh 5% air a' Chìs Chomhairle an ath-bhliadhna.

Curriculum Stèidhichte

A thuilleadh air foghlam, bualaidh gearraidhean air seirbheis saillidh nan rathaidean.

Thèid cur às do 12 làraidhean saillidh, bhon 155 a th' aig a' Chomhairle an-dràsta.

Thuirt a' Chomhairle gur e làraidhean sean a th' anns an 12, agus gun tèid an t-seirbheis ùrachadh le làraidhean nas ùr-nodha.

Bheirear an gearradh a-steach thar dà bhliadhna, agus cùmnaidh e £600,000. Thèid 12 dreuchdan a ghearradh.

Thuirt a' Chomhairle gum feuch iad ris an luchd-obrach sin fhastadh ann an roinnean eile, no leigeil leis na dreuchdan a dhol bàn mar a leigeas daoine dhiubh iad aig aois.

'S e pàirt den phlana airson sàbhalaidhean ann am foghlam, gun tèid suas ri 60 dreuchdan teagaisg à bith aig ìre na h-àrd-sgoile, agus tha dragh ann mun bhuaidh a bhios aig na gearraidhean air curriculum sgoile na Gàidhealtachd.

"Tha mi an dòchas gun cleachd Comhairle na Gàidhealtachd an t-àm seo airson chòmhraidhean còmhla ri Angela Constance an Rùnaire Caibineit ùr aig an Riaghaltas, agus daoine aig Cosla fhèin - sin a' bhuidheann airson co-òrdanachadh nan ùghdarrasan ionadail gu nàiseanta," thuirt Donnchadh Fearghasdan a b' àbhaist a bhith na cheannard air Àrd-sgoile a' Phluic.

"Tha sinn air leth feumail air còmhraidhean a bheir sùil gu mionaideach air na gearraidhean a tha seo, oir tha e a' cur dragh mòr ormsa, mar a tha e a' cur dragh air iomadach duine eile air a' Ghàidhealtachd, gu bheil na gearraidhean seo a' dol a bhith cho cruaidh 's a tha iad a' dol a bhith.

"60 neach-teagaisg, 's e àireamh mhòr a tha sin. Agus tha a h-uile duine a' tuigsinn, far a bheil àireamh nan oileanach a' dol sìos, gum feum sinn gearradh àireamh nan tidsearan.

"Ach aig ìre nan àrd-sgoiltean, tha e a' cur dragh mòr ormsa, 's bidh e a' cur dragh mòr air na h-àrd-sgoiltean, far a bheil thu a' gearradh thidsearan tha thu a' gearradh chuspairean.

"Sa bhliadhna mu dheireadh agamsa aig Àrd-Sgoil a' Phluic, bha againn ri gearradh Spàinnis a-mach às a' churriculum.

"Na coinneamhan mu dheireadh a bh' agamsa le Comhairle na Gàidhealtachd, bha sinn a' toirt sùil air dèanamh cinnteach gun robh curriculum stèidhichte aig a h-uile àrd-sgoil.

"Agus tha dragh mòr ormsa gum bi sgaradh eadar na h-àrd-sgoiltean sna bailtean mòra air Ghàidhealtachd, agus na h-àrd-sgoiltean air an iomall far nach bi an aon churriculum aig a h-uile sgoil.

"Tha sin mar phrionnsabal aig Comhairle na Gàidhealtachd, gum bi curriculum stèidhichte - Core Curriculum mar a chanas sinn ris - aig a h-uile sgoil.

"Bhiodh dragh mòr air pàrantan, dragh mòr air tidsearan, agus dh'fheumadh na Comhairlichean a bhith a' dìon a' phrionnsabail sin gu domhainn.

"Tha sinn aig àm far a bheil sinn a' leudachadh a' churriculum, tha deuchainnean ùra a' tighinn a-steach, 's cha bhi sinn rèidh den obair sin airson trì bliadhna fhathast.

"Le sin, chan e an t-àm ceart idir a bhith a' gearradh thidsearan.

"Agus bhiodh dragh mòr anns na sgoiltean gu bheil oileanaich a' dol a chall a-mach air na deuchainnean gu nàiseanta ma tha sinn a' gearradh àireamh nan tidsearan," thuirt e.