"Droch bhuaidh" bho chìs pharcaidh

Meatar Parcaidh
Image caption Tha parcadh an-dràsta an asgaidh am meadhan a' bhaile Là na Sàbaid.

Dh'fhaodadh gum fulaing meadhan baile Inbhir Nis agus cìsean parcaidh gan stèidheachadh sa bhaile Là na Sàbaid, a rèir fhir a tha ri gnìomhachas sa bhaile.

Thèid iad seo a chur an gnìomh ann an 2016 agus iad mar phàirt de ghearraidhean anns a bheil luach £42m a chaidh aontachadh aig Comahirle na Gàidhealtachd Diardaoin.

Togaidh a' chìs cha-mhòr £100,000 do sporan na Comhairle.

Ach tha dragh air cuid gun dèan seo barrachd cron na feum.

"Tha mise a' smaoineachadh gu bheil e uabhasach mì-chiallach. Tha meadhan a' bhaile dona gu leòr mar a tha e le bùithdean dùinte, agus 's ann a chuireas iad cridhe a' bhaile a-mach às dha-rìribh, le a bhith a' cur chìsean air daoine airson càraichean a pharcadh ann an sin Là na Sàbaid," thuirt Murchadh Caimbeul.

"Seall na bùithdean a tha falamh an seo an teis mheadhain a' bhaile. 'S dòcha nan lìonadh iad iad sin gum faigheadh iad cìsean a-steach a bhiodh gu math na b' àirde na a bhith a' feuchainn ri airgead a thoirt bho dhaoine airson a bhith a' parcadh an teis mheadhain a' bhaile.

"Tha mi a' smaoineachadh gun tàladh tu fada a bharrachd dhaoine a-steach nam biodh e an-asgaidh - agus chan eil mi a' ciallachadh dìreach Là na Sàbaid, tha mi a' ciallachadh feadh na seachdain cuideachd.

"'S dòcha gum feumadh iad coimhead gum feumadh cuideigin a bha gu bhith a' parcadh fad an là, pàigheadh airson sin. Ach na daoine a tha a' tighinn a-steach 's dòcha airson dà uair de thìde, no trì uairean de thìde far a bheil iad a' dol a cheannach dha na bùithdean, gum bu chòir dhaibh an rud a dhèanamh tarraingeach airson na daoine sin a thàladh a-steach.

"Agus gun tigeadh iad an seo, a bharrachd air a bhith a' dol a-mach chun an iomaill, far a bheil parcadh ann an-asgaidh," thuirt e.