Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An Dùbhlachd 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Astràilia

Dhearbh na Poilis ann an Astràilia gun deach ochdnar chloinne a mharbhadh ann an ionnsaigh sgeine aig taigh ann an Cairns ann an Queensland. Tha boireannach a tha san ospadal le lotan sgeine a' cuideachadh le rannsachadh nam Poileas.

Gnìomhachas na h-Ola

Thuirt fear de phrìomh luchd-gnothaich na h-ola gum faodadh 40,000 cosnadh a chall ann am Breatainn leis mar a thuit prìs na h-ola. Thuirt Sir Iain Wood, dham buin an Wood Group, gum faodadh eadar 5% agus 10% an obair a chall. Ach thuirt e nach eil an suidheachadh buileach cho dona 's gun tuit an gnìomhachas às a chèile mar a tha feadhainn ag ràdh.

Gearraidhean Comhairle na Gàidhealtachd

Tha an t-aonadh Unison ag ràdh gun caill suas ri 700 duine cosnadh leis na gearraidhean a dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd an-dè. Chuir iad romhpa luach £42m de ghearraidhean eadar seo agus 2019, agus feumaidh iad £13m eile de ghearraidhean a bharrachd air sin. Thuirt Ceannard na Comhairle, Drew Hendry, nach caill duine an cosnadh an aghaidh an toil.

Fianaisean Cùirte

Tha Seirbheis Cùirte na h-Alba a' moladh gum biodh fianaisean agus feadhainn a dh'fhulaing le eucoir a' clàradh fianais ro-làimh seach a bhith a' dol gu cùirt. Tha na planaichean ag amas air cùisean a dhèanamh nas fhasa do dh'fhianaisean agus na cùirtean. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun toir iad sùil air a' phlana.

Na Poilis

Thuirt a' bhuidheann a tha a' cumail sùla air seirbheis nam Poileas gu bheil e ro thràth a ràdh fhathast an tàinig buanachd ris an robh dùil le aon fheachd Poilis do dh'Alba gu lèir. Thuirt Derek Penman, an Inspectair airson Poilis, ged a shàbhail iad an t-airgead air an robh iad ag amas air a' chiad bhliadhna den t-seirbheis ùir, gu bheil trioblaidean ionmhais ann fhathast. Agus thuirt e na aithisg bhliadhnail, gum feum Poilis na h-Alba càirdeas math a stèidheachadh leis a' choimhearsnachd.

Iorac

Thuirt feachdan Curdach ann an ceann a tuath Iorac gun tug iad an t-ionnsaigh as motha agus as soirbheachaile fhathast air feachdan na Stàite Ioslamaich. Thuirt iad gun do chuir iad ruaig air IS air Beinn Sinjar, far an robh na mìltean de threubh Jazidi agus Ioracaich eile glaiste bhon Lùnastal am-bliadhna.

Mandy Rice-Davies

Chaochaill Mandy Rice-Davies, a bha, còmhla ri Christine Keeler, aig meadhan sgainneal Profumo ann an 1963 a chuir às dhan Riaghaltas Tòraidheach aig Harold MacMillan. Bha i 70 bliadhna de dh'aois, agus air a bhith a' fulang le aillse.