Teachd a-steach £86m bho chroitearachd

Caoraich
Image caption Sheall an aithisg gun deach 150 croit ùr a chruthachadh eadar 2010 agus 2014

Chuir croitearachd cha mhòr £86 ri eaconomaidh na h-Alba an uiridh - a-rèir aithisg bho Riaghaltas na h-Alba.

Sheall an aithisg cuideachd gun deach 150 croit ùr a chruthachadh eadar 2010 agus 2014.

Thuirt Ministear na Croitearachd, Aileen NicLeòid, gu robh seo na dhearbhadh air cho cudromach 's tha croitearachd do choimhearsnachdan agus do dh'eaconomaidh na h-Alba, gu h-àraidh anns na sgìrean as iomallaiche.

'S ann dòchasach a tha cùisean a' coimhead, thuirt i, ach tha e deatamach gum faigh an gnìomhachas an ìre thaic a tha a dhìth.

Thuirt i cuideachd gu bheil dearbhadh an seo gu bheil Achd na Croitearachd 2010 air feum a dhèanamh - ged a thog cuid draghan gur ann a chuir e croitearachd air ais.

'S e am prìomh dhùbhlan a-nis, thuirt i, daoine ùr a thaladh a-steach - agus gu h-àraidh an òigridh.

Thuirt i gum feum a h-uile duine le ùidh ann an croitearachd obrachadh còmhla airson sin a thoirt gu buil.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile