Cleasan teine Steòrnabhaigh

Balach beag le sparkler
Image caption Tha ceist ann mu cùin a bu chòir do chleasan-teine Steòrnabhaigh a bhith air an lasadh

Lean 500 duine duilleag air Facebook a bha a' beachdachadh air an uair aig am bithear a' lasadh cleasan-teine Steòrnabhaigh air Oidhche Challainn.

Mhol cuid gun deadh an tachartas a chuir air ais gu meadhan-oidhche, seach 10f mar a bh' ann anns na bliadhnaichean mu dheireadh.

'S e Urras Ghoireasan Steòrnabhaigh a tha a' cur an tachartais air dòigh.

Thuirt rùnaire an urrais, Nellie NicAsgaill, gur e 10f an uair a chaidh a mholadh dhaibh nuair a thoisich iad gan cuir air dòigh.

"Bha sinn a' faighneachd dha daoine dè an uair a b'fheàrr leotha agus bha mòran aca ag iarraidh 10f ach gum faigheadh iad a' chlann a-mach airson am faicinn agus gum faigheadh iad dhachaigh an uair sin airson toirt a-steach na Bliadhna Ùire aig an taigh", thuirt i.

Tha coinneamh bhliadhnail an urrais gu bhith ann anns a' Ghearran agus tha iad airson 's gun tig daoine a bhiodh deònach cuideachadh le cleasan-teine h-ath-bhliadhna chun na coinneimh sin.