Clachan-mheallain mòr ann an Nis
- Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Heather Campbell
Thuit na clachan-mheallain mu 11f Diardaoin
Thuit clachan-mheallain mòr ann an Nis ann an Leòdhas oidhche Dhiardaoin.
Thuirt Heather Chaimbeul a tha a' fuireach anns an sgìre gu robh meud uinnean-saillte annta.
Thuirt clachan-mheallain anns an robh meud 5sg ann an Arainn an t-seachdainn a chaidh.
Chaidh sìde neo-àbhaisteach cuideachd a chlàradh ann an Siorrachd Obar Dheathain an t-seachdainn-sa far an deach cearcallan deighe, cho mòr ri trainnsearan, a lorg a' laighe air Uisge Dè.