Deagh bhliadhna do bhreabadairean a' Chlò Hearaich

Beairt
Image caption Tha margaidhean ann airson a' chlò air feadh an t-saoghail

Tha deagh bhliadhna air a bhith aig breabadairean a' Chlò Hearaich le obair gu leòr ann dhaibh agus barrachd dhaoine a' tighinn a-steach dhan a' ghnìomhachas.

Tha obair mhòr air a bhith a' dol bho chionn beagan bhliadhnaichean airson an clò a shanasachd air feadh an t-saoghail, agus tha coltas ann gu bheil na h-oidhirpean sin air soirbheachadh.

Thuirt Niall MacLeòid bho Chomann nam Breabadairean gu bheil an gnìomhachas ann an stait nas fhallaine na bha bho chionn fhada.

Breabadairean òga

Tha Mgr MacLeòid ag ràdh gu bheil barrachd dhaoine a' dol nam breabadairean às dèidh dhaibh obair eile a leigeil seachad agus gur ann a tha sin a' cruthachadh luchd-obrach nas òige.

"Tha mi a' creidse gur e sin as motha a tha a' toirt dhuinn tlachd - nuair a thòisich mise anns a' ghnìomhachas bha an aois tha mi a' creidse faisg air 60, seachad air 60, ach a-nis tha iad 10 mura h-eil iad 20 bliadhna nas òige na sinne - daoine òg, daoine a bha ag obair anns a' Chuan a Tuath agus ag obair air tir-mòr a tha a' tighinn air ais 's tha iad ag obair nam breabadairean".

Dh'fhaodadh gu bheil cunnart ann ge-tà gum bi cus bhreabadairean ann agus gin obair gu leòr ann dhaibh.

"Mar a h-uile càil eile, chan eil fios agad dè tha romhad ach a' bruidhinn ri na maoilnean, thathas an ìre mhath dòchasach 's nuair a chì sinn an ìre 's an obair a tha iad-san a' cur a-steach - chan ann dìreach ann am Breatainn ach air feadh an t-saoghail faodaidh tu a chantainn - tha iad a' lorg margaidhean 's tha iad ag obair cruaidh."

Feumaidh iad èisteachd ri stiùirichean a' ghnìomhnachais ge-tà, thuirt e, ma chanas iad-san nach eil an còrr bhreabadairean a dhìth.

'S e an aon dhuilgheadas a th' aca fhathast, pìosan fhaighinn airson nam beairtean ma bhrìseas iad.

"Tha e gu math duilich pìosan fhaighinn ach tha sinn gu math nas fheàrr dheth na bha sinn ron seo".

Dh'iarradh Niall MacLeòid, agus na breabadairean fhèin, gum biodh a h-uile pàirt a bhiodh a dhìth ri fhaighinn anns an aon àite.

Tuilleadh air an sgeulachd seo